Gàidhealtachd MhicBheatha

Ceud Mile Failte

Tìr mo Ghràidh

Sgriobhte ann an: Uncategorized — Iordan aig 6:08 pm air Thursday, December 7, 2006

Chan aithne dhomh na daoine a rinn a’ bhideo seo (Heidi Rice agus a brathair, Evan), ach tha iad à Ceap Breatainn, agus tha na dealbhannan uabhasach àlainn. Tha òrain snog ann cuideachd (mar Leis an Lurgainn le ‘the Rankins’).

Tha Ceap Breatainn uabhasach àlainn, nach eil? Tha mi ‘ga h-ionndrainn.

Samhlaidhean Inntinneach

Sgriobhte ann an: Uncategorized — Iordan aig 11:38 am air Saturday, December 2, 2006

‘S toigh leam GMail, ach bho àm gu àm sgeithidh e. Nuir a chuir mi a-steach an-diugh (ciamar a chanas tu ‘log in’ sa Ghàidhig?), se seo a chunnaic mi:

x��U�n�F}�W��)5�:�kG\N�� l�@�Ɗ�+����R���Β�.M��T j8{��̙�0sE�P �P n߲� EB?:�V����ƍ���L��W.\2Ȝ+�+��5�ٶD��1�-���Q��\�’0�s&r�F � � CY�2Nj5N�6EN��A�j�!3�GL(�����kg�(����kbήW׼ < E9U�@>7zm�Ԇ��b).ή^�����< ��eP�5�)%��� #E}+�W����9*1�1�@� ���VW�4T�I��Z'T"L�����M$QG,,�K (]Fh�� >�*M�UYj��0��0��0k����� �S-�Z!�.}l(��P��f�3[ !U8��2�$X� +c��=ܷQי�3H4ښ��b1�,�{��Jr/�ӯ[�X� ��r�:Z8*�G���#Һ�kAf���ޖ\+P蹤��L+�%�������J�x̡�%�i4j6;�@+���  �Ί�S��$ɮ�����n�7\����ۛv�'�T�k ��v{�L&_��L�[ Cu��R%z ���X���} ��(*Bnq�y����Y{�/�C8]s�L��g8$,�|J���q��S��w��Tg��҉�����N{��0ľ�o�.��K6�fS���Z?I���6O��W"�I0�$:� �m�?0� ���.��_��)Sl齯���J��v�_��Ϲ� ��)IҖϲ�� i[����1��o�/�>̂i��X8��J.hm�!͎�Yxd��i�w¶��9��a��ش�KaGI�9��������1���]e:�zw�,�G���F��A�F[�������O�=XZ�g;Ô����~C�^��O�%Ʈ�{i�g/D}v���%�5�9����F'_6���{�,s� ݃{�+����?� `����� Q�o�9�5�u��ql �+��H�� L ��%H�%�"�u|?�M��_�2��7

Uabhasach abhainneach, gu cinnteach. Ach tha e inntinneach co-dhiù, oir tha iomadh samhlaidhean inntinneach ann, mar seo: ҉, agus seo: Җ, agus seo: ɮ. Tha samhlaidhean arabach cuideachd (no samhlaidhean Persian), mar seo: ش agus seo: ޖ agus seo: ٶ agus seo cuideachd: Ԇ agus seo: Ȝ. Tha iadsan inntinneach oir ma sgrìobh mi rudeigin an-dèidh na samhlaidhean seo, nochdaidh am facal air an taobh ceàrr (mar is abhaist ann an canan mar arabach). Ma tha mi aig iarraidh faicinn am facal air an taobh ceart, feumaidh mi sgrìobhadh e air an taobh ceàrr. Nach eil sin inntinneach?

OK, is docha nach eil sin inntinneach. Ach tha mi aig obair an-diugh, agus feumaidh mi ceartachadh litreachas san deuchainn. 'S fheàrr leam sgudal mar seo: ҉. Hehe.

John Allan Cameron, 1938-2006

Sgriobhte ann an: Uncategorized — Iordan aig 6:23 pm air Friday, November 24, 2006

Bhàsaich John Allan Cameron Di-Ciadain. Bha aillse air.

Mar a sgrìobh Alasdair MacLeòid sa leabhar ‘No Great Mischief’: fois do t’anam.

Sgudal Dealain: Rud Math?

Sgriobhte ann an: Uncategorized — Iordan aig 6:06 pm air Friday, November 10, 2006

Chan-eil mi a’ sgrìobhadh an-seo gu tric, ach gach latha tha mi a’ togail ùine an-seo…a’ crìoch air sgudal dealain.

Hmmm…is docha gu bheil an sgudal dealain sin math, co-dhiù…oir tha mi a’ cumail a’ tighinn an-seo! Mura b’e sgudal dealain ann, cha bhithinn an-seo gu tric, agus is docha bhiodh am blog seo a’ dol a dhìth (am biodh e?).

OK, OK…tha mi a’ tuigsinn…bu choir dhomh a sgrìobhadh mar gu tric an-seo. Tapadh leibh, sgudal dealain. A-nis…bi a’ falamh!

Seo Am Mac Agam!

Sgriobhte ann an: Uncategorized — Iordan aig 7:09 pm air Friday, September 8, 2006

A chairdean, seo am mac agam, Alisdair Imran MacVay (Alasdair Imran MacBheatha, no Alasdair MacIordain ‘icRaibeirt ‘icFhraing ‘icUilleim ‘icAlasdair). Rugadh e an t-seachdainn seo chaidh, DihAoine, a’ chiad latha dhen t-Sultain, aig 2347, anns an ospadal Darul Ehsan (Darul Ehsan Medical Centre), ann an Shah Alam, Selangor, Malaysia.

(Leugh tuilleadh …)

Is Ainm Dha Alistair

Sgriobhte ann an: Uncategorized — Iordan aig 5:19 pm air Tuesday, May 30, 2006

An-dràsta tha fios agam gum bi mac agam. Ach de an t-ainm a th’air? (Leugh tuilleadh …)

Tha Mi Air Ais

Sgriobhte ann an: Uncategorized — Iordan aig 12:00 am air Saturday, May 27, 2006

Air ais? Cait an robh mi? (Leugh tuilleadh …)

Tha an Làrach-Lìn Agam Toirmisgte ann an Sìona!

Sgriobhte ann an: Uncategorized — Iordan aig 11:09 pm air Tuesday, March 7, 2006

Mar tha fios agaibh (a bheil?), an-seo ann an Sìona, ma cha toil leis an riaghaltas làrach-lìn sam bith, cha bhi neach sam bith ann an Sìona a’ faicinn na làraich-lìn sin. (Leugh tuilleadh …)

Tha mi beò!

Sgriobhte ann an: Uncategorized — Iordan aig 11:07 pm air Thursday, March 2, 2006

Tha mi air a’ bhith uabhasach trang le obair o chionn ghoirid. Tha mi duilich airson nach eil mi a’ sgrìobhadh móran an-seo agus air an fhoram. Tha mi trang, gu cinnteach, ach tha mi ag iarraidh a’ leantainn leis a Ghàidhlig. (Leugh tuilleadh …)

Oir ’s urrainn dhomh

Sgriobhte ann an: Uncategorized — Iordan aig 1:41 pm air Monday, January 30, 2006

Chunnaic mi rudeigin inntinneach mu blogaichean aig an fòram Schottisch-Gaelisch an-diugh (tapadh leibh, a Ghràisg):

Carson a sgrìobh duine mu rudan gu math priabhaideach aca anns an eadar-lìon(?)

Uill, chan eil ach aon adhbhar: oir ’s urrainn dhomh. (Leugh tuilleadh …)

Next Page »